Criomagan

Dè th’ ann an criomagan?

‘S faidhle beag a th’ ann an criomag a bhios a’ sireadh cead a bhith suidhichte air draibh cruaidh a’ choimpiutair agad. Thèid a cur air, an dèidh dhut aontachadh, agus bidh a’ chriomag a’ cuideachadh le sgrùdadh trafaic lìn no ag innse dhut gu bheil thu air tadhal air làrach shònraichte. Tha i a’ leigeil le prògraman lìn freagairt a thoirt dhut mar neach-cleachdaidh fa leth. Chan eil criomag, air chor sam bith, a’ leigeil leinn an coimpiutar agad no fios mu do dheidhinn a chleachdadh, ach na tha thu fhèin airson a thoirt dhuinn.

Ciamar tha sinn gan cur an sàs?

Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan. Tha sinn gan cleachdadh mar a leanas.

  • Criomagan a tha am bathar-bog-lìn a’ cleachdadh (ainmean a’ tòiseachadh le exp) – can gu bheil sinn a’ cumail nam beagan duilleagan mu dheireadh air an robh thu gus an toir sinn thu air ais far an robh thu mus do lìon thu foirm, no ‘s ma dh’fhaoidte gun steidhich sinn criomag airson innse dhuinn dè cho fad ‘s a dh’fheumas sinn fiosrachadh a thasgadh dhut. Tha liosta ann de na criomagan exp as cumanta againn.
  • Criomagan a sgrùdas trafaic (tòiseachadh le __utm) – tha sinn a’ cleachdadh Google Analytics airson faighinn a-mach ciamar a tha daoine a’ cleachdadh na làraich againn, agus airson seirbheis nas fheàrr a chur an gnìomh is sinn a’ sgrùdadh nan duilleagan a thathar a’ meas feumail is nach eil feumail. Tha sinn a’ cleachdadh an fhiosrachaidh air adhbharan sgrùdaidh a-mhàin
  • Thèid criomag a stèidheachadh airson cuimhne a chumail gen do ghabh thu ri criomagan.