A’ Dealbhadh Plana Cànain Gàidhlig?

Gheibh sibh an dà chuid buannachdan agus dùbhlain nuair a tha sibh a' sgrìobhadh plana  cànain Gàidhlig.  Bidh sinn a' toirt stiùireadh dhuibh, feuch am bi e nas fhasa dhuibh am plana agaibh a' sgrìobhadh agus a chur an gnìomh - agus feuch an tig toraidhean buadhach às. Gheibh sibh tòrr bhuannachdan à plana air an deach breithneachadh ceart a dhèanamh, agus a tha a' toirt spèis don Ghàidlig agus na daoine a bhios ga cleachdadh, agus a tha a' togail air neartan sònraichte na buidhne agaibh.

 

Stiùireadh air dealbhadh plana canain Gàidhlig

Gheibhear mìneachadh san roinn seo de na prìomh roinnean ris am bu chòir do phlana cànain Gàidhlig dèiligeadh. Tha an tuilleadh fiosrachaidh iomlan anns an sgrìobhainn oifigeil Stiùireadh air Deasachadh Phlanaichean Gàidhlig a dh'fhaodar toirt a-nuas bhon roinn ghoireasan air an duilleig seo. Bu chòir do leasachaidhean anns na roinnean seo a' nochdadh dealas daingeann don Ghàidhlig agus an dòigh anns a bheil am buidheann a' leigeil le a luchd-obrach is luchd-cleachdaidh an cànan ionnsachadh is a chleachdadh, le cruthachadh àite-obrach a bhios freagarrach airson Gàidhlig a chleachdadh sa bheatha choitchinn mar phrìomh amas.  Bu chòir don h-uile leasachadh a bhith stèidhichte air ca' phrionnsapal, spies co-ionann.  Mar sin, nuair a tha seirbheisean agus modhan-obrach Gàidhlig air an toirt a-steach, bu chòir dhaibh a bhith aig an aon ìre ri seirbheisean Beurla, agus le amas ann airson na h-ùine fhada gum bi Gàidhlig air a dhèanamh àbhaisteachadh ann an obair an ùghdarrais. 

Aithne-chorporra

  • suaicheantas corporra
  • soidhnichean

Ma thèid spèis cho-ionann a nochdadh don Ghàidhlig an cois aithne chorporra is soidhnichean na buidhne agaibh, bheir sin buaidh mhòr air inbhe na Gàidhlig sa bhad, agus i follaiseach, le barrachd cothruim oirre agus luach ga chur innte.  Le bhith cleachdadh Gàidhlig ann an dòigh fhollaiseach, nì sin feum mòr ann a bhith tarraing aire dhaoine thuice taobh a-staigh na buidhne agus am measg a' mhòr-shluaigh, a' cur ri seasamh a' chànain agus a' brosnachadh dhaoine gu bhith ga cleachdadh.  Nuair a tha Gàidhilg follaiseach an cois shoidhnichean is aithne chorporra, tha e a' sealltainn do luchd na Gàidhlig gu bheil a' bhuidheann a' cur sùim sa chànan agus gu bheil iad a' brosnachadh cleachdadh a' chànain. 

Conaltradh

  • ionad-fàilte
  • fòn
  • post agus post-dealain
  • foirmichean
  • coinneamhan poblach
  • cùisean gearain
  • conaltradh a-staigh

Tha solarachadh conaltraidh tro mheadhan na Gàidhlig a' leudachadh faicsinneachd is inbhe a' chànain is a' cruthachadh chothroman airson cleachdadh pragtaigeach dha luchd-obrach is dhan phoball. Tha cleachdadh na Gàidhlig an lùib conaltraidh làitheil a' leudachadh a h-inbhe mar chànan gnàthach agus a' cur ri a suidheachadh na pàirt àbhaisteach ann am beatha phoblach muinntir na h-Alba.

Foillseachain

  • stuthan clò-bhuailte
  • conaltradh poblach agus na meadhanan
  • làraichean-lìn agus na meadhanan sòisealta
  • taisbeanaidhean

Tha cleachdadh Gàidhlig air goireasan clò-bhuailte a' leudachadh faicsinneachd is inbhe na Gàidhlig anns a' bhuidheann is leis a' phoball. Tha leudachadh an uiread de Ghàidhlig ann an goireasan clò-bhuailte a' solarachadh goireas luachmhor airson litearras Gàidhlig a leasachadh a chumas taic ri iomairtean foghlam Gàidhlig is leasachadh briathrachais a tha freagairteach agus sùbailte. 

Luchd-obrach

  • trèanadh
  • ionnsachadh cànain
  • fasdadh
  • sanasachd
  • sònrachadh dhreuchdan anns a bheil a’ Ghàidhlig riatanach / na buannachd

Tha dà phuing chudromach ann a thaobh sgiobachd. An toiseach, airson dearbhadh gu bheil na sgilean aig a' bhuidheann airson luchd na Gàidhlig a fhrithealadh na chuid obrach. Agus, airson taic a chumail ri coimhearsnachdan Gàidhlig tro sholarachadh dhreuchdan is cothroman cleachdaidh na Gàidhlig. Tha dà dhòigh air seo a thoirt gu buil: fastadh agus trèanadh. Tha e cudromach gun tèid dreuchdan a shònrachadh anns a bheil sgilean Gàidhlig riatanach no nam buannachd agus gun tèid trèanadh iomchaidh a thoirt don luchd-obrach a bhiodh comasach air na dleastanasan seo a choilionadh.

Corpas na Gàidhlig

Tha corpas na Gàidhlig co-cheangailte ri leasachadh na tha sgrìobhte is clàraichte sa chànan. Tha prìomh dhleastanas aig ùghdarrasan poblach a dhèanamh cinnteach gu bheilear a' cumail ris a' ghnàthachas litreachaidh (siostam sgrìobhaidh na Gàidhlig) sa bheatha phoblaich. Tha seo a' toirt a-steach cleachdadh nan goireasan corpais a th' ann mar-thà a leithid stòr-dàta ainmean-àite na Gàidhlig air soidhnichean.Tha corpas na Gàidhlig a' gabhail a-steach nan cuspairean a leanas:

  • a’ leasachadh iomchaidheachd is co-chòrdadh na Gàidhlig
  • a’ leasachadh ìre agus ruigsinneachd eadar-theangachaidhean agus eadar-mhìneachaidhean sa Ghàidhlig
  • a’ leudachadh na tha ri fhaotainn de dh’fhiosrachadh air rannsachadh a tha fìor cheart
  • a’ leasachadh gnàths-sgrìobhaidh, briathrachas is ainmean-àite na Gàidhlig
  • a’ leasachadh an eòlais air eadar-theangachadh is eadar-mhìneachadh sa Ghàidhlig
  • a’ brosnachadh sgrùdaidhean is rannsachadh na Gàidhlig

Leasachadh phlanaichean cànain Gàidhlig a ghabhas coilionadh agus a tha cothromach

Tha am Bòrd a’ tuigsinn gum bi a h-uile plana cànain Gàidhlig diofraichte a rèir dòighean-obrach nan ùghdarrasan poblach is an àite far a bheil iad an Alba, agus a rèir àireamh luchd-labhairt na Gàidhlig is na cothroman airson a’ Ghàidhlig a leasachdh anns an sgìre aca.

Tha e mar fhiachaibh air a' Bhòrd gun obraich sinn le ùghdarrasan fa leth airson planaichean cànain Gàidhlig a dhealbhadh a ghabhas coilionadh agus a tha cothromach a rèir an t-suidheachaidh fhèin.