Dealbhadh plana cànain Gàidhlig
Cò a dh' fheumas plana a dhealbhadh agus ciamar?
Tha am Bòrd a’ cur fios gu ùghdarrasan poblach ann an Alba a tha air leth cudromach airson a’ Ghàidhlig a leasachadh - tha an co-dhùnadh sin stèidhichte air na b’ urrainn don ùghdarras a chur ri cur an gnìomh prìomh amasan a’ phlana nàiseanta, na thathar a’ cleachdadh den Ghàidhlig an lùib obair an ùghdarrais, ciamar a b’ urrainnear cleachdadh na Gàidhlig a leasachadh, agus air tagraidhean sam bith a tha an t-ùghdarras air fhaighinn co-cheangailte ri seirbheisean Gàidhlig.
Chithear tuairisgeul goirid gu h-ìosal air a' phròiseas phragtaigeach gus plana cànain Gàidhlig a dhealbhadh, agus e a' sònrachadh nam prìomh cheumannan. Gheibh sibh fiosrachadh nas mionaidiche san earrainn airson goireasan air an duilleig seo, a' gabhail a-steach sealladh farsaing air na riatanasan reachdail ris am feum sibh cumail ann a bhith dealbhadh plana cànain Gàidhlig, agus feumaidh sibh coimhead air na goireasan sin mus tòisich sibh air a' phlana.
Bu chòir dhuibh fa-near a thoirt do na ceumannan seo, ged a tha sibh ag obair air a’ chiad, an dàrna no an treas dreach den phlana:
- Gabhaibh beachd
air an stiùireadh seo leis a’ Bhòrd:
- Stiùireadh air Dealbhadh Planaichean Gàidhlig agus an teamplaid plana cànain Gàidhlig a' Bhùird a tha stèidhichte air an stiùireadh sin.
- An litir fhoirmeil ag innse gun fheumar plana Gàidhlig ullachadh.
- Amasan àrd-ìre aontaichte leis a’ Bhòrd is leis an Riaghaltas
- Am Plana Cànain Nàiseanta Gàidhlig.
- Sgrùdadh
a-staigh – sgrùdaich solarachadh is goireasan sa Ghàidhlig sa bhuidheann gu
lèir agaibh
- airson gach eagran ùr den phlana, gabhaibh beachd air inbhe a’ chànain an-dràsta, an dà chuid taobh a-staigh na buidhne agaibh is sa choimhearsnachd air a bheil sibh a’ frithealadh.
- ma tha sibh a' dèanamh ath-sgrùdadh air a' phlana agus sibh an dùil eagran ùr ullachadh 's urrainn dhuibh measadh a dhèanamh air mar a choilean sibh na targaidean a bh' agaibh agus beachdachadh air mar chumas sibh oirbh gan coileanadh no mar a thogas sibh air na targaidean sin.
- Freagraibh a h-uile tè de na còig prìomh roinnean a thathas a' mìneachadh anns an roinn Stiùireadh, a’ gabhail beachd air seasmhachd àraid a’ bhuidhinn agaibh, far a bheil e suidhichte is a chuid ghnothaichean
- Stèidhichibh targaidean – bithibh brosnachail ach ciallach agus cothromach. Dèanaibh sgrùdadh air ciamar a tha sibh an dùil gun tèid na targaidean a chur an gnìomh is a choilionadh
- Dèanaibh dreach plana – anns am bi a h-uile roinn an sàs is sònraichibh a’ bhuaidh a bhios orra
- Dèanaibh coimeas – ciamar a tha am plana agaibh e a’ freagairt air amasan a' Phlana Cànain Nàiseanta Gàidhlig, an Stiùireadh airson a bhith dealbh phlanaichean cànain Gàidhlig agus na h-amasan àrd-ìre a chuir am Bòrd an cèill
- Sgaoilibh e – leigibh le muinntir a’ bhuidhinn agaibh agus le muinntir na sgìre is daoine iomchaidh beachdan a thoirt seachad ann an co-chomhairleachadh poblach
- Cuiribh crìoch air an dreach is cuiribh don Bhòrd e airson sgrùdadh
- Dèanaibh atharrachaidhean iomchaidh is cuiribh an dreach air ais a-rithist airson aonta
- Foillsichibh e cho luath ‘s a thèid aontachadh - agus dèanaibh sanasachd air
- Cuiribh am plana an gnìomh
Cho luath 's a tha a' bhuidheann agaibh air fios fhaighinn, bidh sibh a' leantainn a' phròiseis a chìthear air an duilleig seo gus am plana Gàidhlig a sgrìobhadh agus gus aonta fhaighinn.
Tha am Bòrd ag iarraidh oirbh gun cum sibh conaltradh leis na h-oifigearan againn anns a’ phroiseas seo is bheir iad taic dhuibh rè obair nan ìrean seo.
Nuair a thèid am plana aontachadh is fhoillseachadh, feumar a chur an sàs agus thèid seo a sgrùdadh an dà chuid taobh a-staigh na buidhne agaibh fhèin is taobh a-muigh na buidhne leis a' Bhòrd.
Tha e mar fhiachaibh oirbh am plana ath-sgrùdadh gu cunbhalach agus ro na còig bliadhna an dèidh aonta a’ Bhùird. Feumar am plana a chur a-steach an uair sin airson ath-sgrùdadh is aonta cuide ri fiosrachadh sam bith a th’ air ùrachadh.