Sgrùdadh na tha a dhìth
Tha e cudromach gun tèid sgrùdadh tràth a dhèanamh air solarachadh Gàidhlig sa bhuidheann agad an lùib sgrùdadh sgilean a-staigh, mar phròiseact fa leth no mar phàirt de dhòighean a th' ann mar-thà a leithid measadh luchd-obrach no sgrùdadh an luchd-obrach gu lèir. Tha am fiosrachadh a th' ann mar-thà a' sealltainn gu bheil a' mhòr-chuid de bhuidhnean a' fastadh luchd Gàidhlig a dh'fhaodadh a bhith comasadh air cuid de na seirbheisean a tha iad a' lìbhrigeadh an-dràsta, tro mheadhan na Beurla no cànanan eile, a dhèanamh tro mheadhan na Gàidhlig. Tha na sgrùdaidhean seo cuideachd a' sònrachadh bheàrnan a thaobh nithean dearbhte sa phlana is bu chòir dhaibh stiùireadh a thoirt seachad air fastadh is trèanadh. 'S e dòigh fìor mhath a tha seo airson na tha a dhìth de thrèanadh sgilean Gàidhlig a mheas am measg an luchd-obrach.