A’ cur plana cànain Gàidhlig an sàs

Tha dealbhadh plana cànain Gàidhlig èifeachdach a' ceadachadh gnìomhachaidh soirbheachail. Tha e cudromach a' cumail nar cuimhne nach mair planaichean ach coig bliadhnaichean mus tèid an ath-sgrùdadh. Tha e riatanach gu bheil leasachadh na Gàidhlig na amas fad-ùineach am broinn a' bhuidhinn, a bheir buaidh air gach roinn, agus ath-sgrùdaidhean a' phlana a' togail air na toraidhean airson an t-amas fad-ùineach a choileanadh. Tha ceannas, mac-meanmna, lèirsinn is co-òrdachadh a dhìth airson seo a thoirt gu buil. 

 

Togail aire

Tha cur an sàs a’ phlana ag obrachadh aig diofar ìrean agus tro chòmhradh, coltach ri dealbhadh plana cànain Gàidhlig. Gu dearbh fhèin, bidh cur an sàs air a mhìneachadh aig an ìre dhealbhaidh mar phàirt dhen sgrìobhadh fhèin.

'S e ullachadh plana cànain Gàidhlig a' chiad turas a tha mòran ùghdarrasan poblach air beachd a ghabhail air a' Ghàidhlig co-cheangailte ri an cuid obrach. 'S e sin an adhbhar gu bheil trèanadh air fiosrachadh mun Ghàidhlig taiceil, no fiù 's riatanach, airson misneachd is tuigse a bhrosnachadh airson an iomarit gu lèir a thoirt air adhart. Thathar a' moladh gun cuirear trèanadh air Fiosrachadh mun Ghàidhlig air dòigh, gu h-àraid aig na h-ìrean stiùiridh is bùird, aig toiseach leasachadh a' phlana agad. Tha Bòrd na Gàidhlig ag obair cuide ri Clì Gàidhlig airson seiseanan trèanaidh air Fiosrachadh mun Ghàidhlig a liubhairt agus gheibhear tuilleadh fiosrachaidh air seo air an roinn ghoireasan air an duilleig seo.