A’ cur plana cànain Gàidhlig an sàs

Tha dealbhadh plana cànain Gàidhlig èifeachdach a' ceadachadh gnìomhachaidh soirbheachail. Tha e cudromach a' cumail nar cuimhne nach mair planaichean ach coig bliadhnaichean mus tèid an ath-sgrùdadh. Tha e riatanach gu bheil leasachadh na Gàidhlig na amas fad-ùineach am broinn a' bhuidhinn, a bheir buaidh air gach roinn, agus ath-sgrùdaidhean a' phlana a' togail air na toraidhean airson an t-amas fad-ùineach a choileanadh. Tha ceannas, mac-meanmna, lèirsinn is co-òrdachadh a dhìth airson seo a thoirt gu buil. 

 

A' foillseachadh agus a' brosnachadh a' phlana

Tha e riatanach gum faigh daoine fiosrachadh mun phlana cànain Ghàidhlig, an dèidh aonta a' Bhùird, an dà chuid taobh a-staigh is taobh a-muigh na buidhne agaibh. 'S iad na prìomh dòighean sgaoilidh a bu chòir cleachdadh airson am plana a shanasachadh:

  • ga fhoillseachadh dà-chànanach air an làraich-lìn agaibh is air na meadhanan sòisealta
  • a’ sgaoileadh fios naidheachd air gairm a’ phlana
  • a’ sgaoileadh lethbhreacan den phlana anns na h-oifisean poblach is ionadan-fàilte
  • a’ sgaoileadh a’ phlana don luchd-obrach air an lìon a-staigh
  • a’ sgaoileadh lethbhreacan do bhuidhnean poblach neo-roinneil, do bhuidhnean eile, luchd-tagraidh is luchd-cùmhnant
  • a’ sgaoileadh lethbhreacan den phlana do bhuidhnean Gàidhlig
  • a’ sgaoileadh lethbhreacan den phlana do bhuidhnean iomchaidh eile
  • a’ dèanamh cinnteach gu bheil lethbhreacan ri fhaotainn nuair a bhios feum orra
  • a' cumail a' dèanamh sanasachd air a' phlana rè ùine a' phlana, an dà chuid taobh a-staigh agus taobh a-muigh na buidhne agaibh