A’ cur plana cànain Gàidhlig an sàs

Tha dealbhadh plana cànain Gàidhlig èifeachdach a' ceadachadh gnìomhachaidh soirbheachail. Tha e cudromach a' cumail nar cuimhne nach mair planaichean ach coig bliadhnaichean mus tèid an ath-sgrùdadh. Tha e riatanach gu bheil leasachadh na Gàidhlig na amas fad-ùineach am broinn a' bhuidhinn, a bheir buaidh air gach roinn, agus ath-sgrùdaidhean a' phlana a' togail air na toraidhean airson an t-amas fad-ùineach a choileanadh. Tha ceannas, mac-meanmna, lèirsinn is co-òrdachadh a dhìth airson seo a thoirt gu buil. 

 

Maoineachadh

'S e an t-amas deireannach gun tèid seirbheisean a chuirear an gnìomh anns na planaichean cànain Gàidhlig fhighe a-steach an lùib gnìomhan làitheil a' bhuidhinn. Cha bu chòir gum biodh an tuilleadh chosgaisean nan lùib ma thèid an cur an sàs tro phrògram atharrachaidh leantainneach ceum air cheum. Ach tha am Bòrd a' tuigsinn, aig ìre thràth a' phlana, gur ma dh'fhaoidte gum bi cosgaisean a bharrachd na lùib. Mar thoradh air sin, faodaidh ùghdarrasan poblach taic fhaighinn tro Mhaoin Ghnìomhachaidh Achd na Gàidhlig (GLAIF) a ghabhas ri tagraidhean a h-uile bliadhna.

Maoin Gnìomhachaidh Achd na Gàidhlig (GLAIF) 2016-17

Tha sgeama Maoin Gnìomhachaidh Achd na Gàidhlig (GLAIF) 2016-17 a-nis dùinte.