A’ cur plana cànain Gàidhlig an sàs

Tha dealbhadh plana cànain Gàidhlig èifeachdach a' ceadachadh gnìomhachaidh soirbheachail. Tha e cudromach a' cumail nar cuimhne nach mair planaichean ach coig bliadhnaichean mus tèid an ath-sgrùdadh. Tha e riatanach gu bheil leasachadh na Gàidhlig na amas fad-ùineach am broinn a' bhuidhinn, a bheir buaidh air gach roinn, agus ath-sgrùdaidhean a' phlana a' togail air na toraidhean airson an t-amas fad-ùineach a choileanadh. Tha ceannas, mac-meanmna, lèirsinn is co-òrdachadh a dhìth airson seo a thoirt gu buil. 

 

Dearcnachadh

Tha sgrùdadh a’ phlana riatanach airson a lìbhrigeadh gu h-èifeachdach a chionn ‘s gu bheil e a’ cur fiosrachadh an cèill don phròiseas mheasaidh agus ag adhbharachadh measadh cunbhalach. Tha stiùireadh is cinn-latha ann airson am plana agaibh a sgrùdadh, anns a bheil:

  • aithisgean adhartais bliadhnail gu Bòrd na Gàidhlig,
  • measaidhean taobh a-staigh,
  • prìomhachasan Gàidhlig ri fhaicinn ann an roi-innleachdan is aithisgean bliadhnail.

Tha an Achd 2005 a' cur dleastanais ron a' Bhòrd airson adhartas air cur an gnìomh na planaichean cànain Gàidhlig a thoirt gu buil. Tha seo a' coimhead air na dleastanasan anns a' phlana agus ag iarraidh air an ùghdarras poblach fiosrachadh a thoirt seachad air adhartas gach bliadhna. Thathas a' moladh gum bi gealladh anns a' phlana agaibh gun tèid aithisg dhearcnachaidh bhliadhnail a chur chun a' Bhùird. Tha sgrùdadh neo-eisimeileach on taobh a-muigh a' cur ri seo.