A’ cur plana cànain Gàidhlig an sàs

Tha dealbhadh plana cànain Gàidhlig èifeachdach a' ceadachadh gnìomhachaidh soirbheachail. Tha e cudromach a' cumail nar cuimhne nach mair planaichean ach coig bliadhnaichean mus tèid an ath-sgrùdadh. Tha e riatanach gu bheil leasachadh na Gàidhlig na amas fad-ùineach am broinn a' bhuidhinn, a bheir buaidh air gach roinn, agus ath-sgrùdaidhean a' phlana a' togail air na toraidhean airson an t-amas fad-ùineach a choileanadh. Tha ceannas, mac-meanmna, lèirsinn is co-òrdachadh a dhìth airson seo a thoirt gu buil. 

 

Càite an toisich sibh

Ged a tha aig gach ùghdarras poblach ris a' phlana cànain Ghàidhlig aca fhèin ullachadh, tha am Bòrd a’ cur fàilte bhlàth air co-obrachadh is conaltradh eadar ùghdarrasan poblach a tha ris an aon seòrsa dhleastanasan nuair a tha iad a’ cur planaichean an cèill, a chionn ‘s gum bi na h-aon seòrsa dhùbhlanan aca a thaobh seirbheisean a liubhairt don t-sluagh sa Ghàidhlig agus a’ Ghàidhlig a chleachdadh anns na dòighean-obrach a-staigh aca.

Tha beachd math ciallach cho luachmhor ris an òr agus cha mhisde sgeul math aithris còrr is dà uair. Tha na buannachdan an lùib co-obrachadh eadar buidhnean ag adhbharachadh deagh mhodhan-obrach, sgaoileadh fiosrachaidh agus lùghdachadh chosgaisean obrach (ri linn co-dhealbhadh ghoireasan, mar eisimpleir).

'S e uallach corporra a th' ann am plana cànain Gàidhlig

Coileanaidh sibh builean a' phlana cànain Ghàidhlig agaibh le barrachd buaidh nuair a tha sibh a' tuigsinn gu bheil e mar uallach corporra oirbh a bhith cur a' phlana an gnìomh agus a bhith cumail sùil air adhartas leis a' phlana, agus nuair a tha targaidean a' phlana co-cheangailte ri prìomhachasan planaidh na buidhne agaibh. Bu chòir am plana cànain Ghàidhlig agaibh a bhith air a dhèanamh na pàirt àbhaisteach de phlanadh ro-innleachdail is gnìomhach na buidhne.