Ceanglaichean

INBHE A’ CHÀNAIN

Bòrd na Gàidhlig

Tha Bòrd na Gàidhlig a’ brosnachadh na Gàidhlig agus ag obrachadh cuide ri Riaghaltas na h-Alba, muinntir na h-Alba is na buidhnean Gàidhlig airson inbhe a’ chànain a neartachadh air feadh na dùthcha. 

Comunn na Gàidhlig

Chaidh Comunn na Gàidhlig (CnaG) a stèidheachadh ann an 1984 mar Bhuidheann Leasachaidh na Gàidhlig. Tha e ag obair aig ìrean ionadail, roinneil is nàiseanta. Tha e ag obair an trì sgìrean obrach - Na h-Eileanan Siar, Alba a Tuath is Alba a Deas agus tha oifisean ann an Inbhir Nis (Prìomh Oifis), Steòrnabhagh agus Glaschu. Tha CnaG a’ stiùireadh is a’ cur taic ri Iomairtean Gàidhlig às leth Bòrd na Gàidhlig.


GOIREASAN IONNSACHAIDH

LearnGaelic.net

"Fàilte gu LearnGaelic, àite air an eadar-lìon airson a h-uile duine le ùidh ann a bhith ag ionnsachadh Gàidhlig. Ge bith dè an aois a tha thu, no dè an t-eòlas a tha agad, tha cuideachadh dìreach cliog air falbh.”

An Litir Bheag

“... èistibh an seo ris an Litir Bhig le Ruaraidh MacIllEathain, a tha stèidhichte dha daoine a tha aig ìrean tràth an cuid ionnsachaidh...”

Sabhal Mòr Ostaig

Stèidhichte an 1973, tha Sabhal Mòr Ostaig aithnichte air feadh an t-saoghail mar Ionad Nàiseanta cànan is cultar na Gàidhlig. Tha Sabhal Mòr Ostaig na colaiste ann an Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eileanan.

Gaelic 4 Parents

“Fàilte gu Gaelic4Parents.com, an làrach-lìn airson phàrantan is clann aig a bheil ùidh no a tha an sàs ann am foghlam Gàidhlig.” 

Ceumannan

Cùrsa Gàidhlig luchd-ionnsachaidh san àrd-sgoil  

Ùlpan

“’S e siostam ionnsachadh cànain ùr-nodha a th’ ann an Ùlpan a chaidh a chur air bhonn san Ear Mheadhanach. Chaidh a chleachdadh airson Cuimris is Breatnais a theagasg agus tha sinn air a dhèanamh freagarrach ri Gàidhlig na h-Alba.”

Scotland's Gaelic Toolkit

“Goireas ionnsachaidh air-loidhne a tha ciallach, soilleir, co-obrachail agus spòrsail. Tha an goireas ri fhaotainn a latha ‘s a dh’oidhche; tha e càirdeil is cothromach. Faodar atharrachadh airson freagairt ri amasan is prìomhachasan a’ bhuidhinn agaibh.”

Colaisde a’ Chaisteil

Tha còrr is 2,700 oileanach clàraichte ann an Colaisde a’ Chaisteil, còrr is 60 cùrsa làn-thìde is 80 pàirt-thìde, còrr is 30 cùrsa HNC, HND, ceuma is for-cheum, agus mu 200 clas oidhche air an tabhainn air feadh nan Eileanan Siar. Tha Colaisde a' Chaisteil na colaiste ann an Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean.

Ionad Chaluim Chille Ìle

Gheibh sibh ionnsachadh air leth air cànan is cultar na Gàidhlig ann an Ionad Chaluim Chille Ìle ann an clasaichean, cùrsaichean is tachartasan eile fad na bliadhna.


CORPAS

Am Faclair Beag

Faclair Gàidhlig-Beurla air-loidhne.

Stòr-dàta

Faclair Gàidhlig-Beurla air-loidhne.

Co-fhaclair Gàidhlig

Co-fhaclair Gàidhlig-Beurla air-loidhne.

Liosta de fhaclairean eile

Liosta de fhaclairean Gàidhlig-Beurla air-loidhne.

Ainmean-Àite na h-Alba

Ainmean-Àite na h-Alba (AÀA) ~ ‘s e seo an com-pàirteachadh nàiseanta air comhairle air ainmean-àite Gàidhlig ann an Alba airson iùl a thoirt seachad air ainmean-àite Gàidhlig air mapaichean, soidhnichean is airson cleachdadh coitcheann.

Ùghdarras Theisteanas na h-Alba (SQA) - Gnàthachas Litreachadh na Gàidhlig

Chaidh "Gnàthachas Litreachadh na Gàidhlig" fhoillseachadh leis an Scottish Certificate of Education Examination Board ann an 1981 agus chaidh lèirmheas a dhèanamh air le Ùghdarras Theisteanas na h-Alba (SQA) ann an 2005. Tha an sgrìobhainn seo air a bhith na stòras agus bhunait luachmhor ann an iomadh raon de leasachadh na Gàidhlig bhon uair sin, agus cleachdadh na Gàidhlig a’ leudachadh gu caochladh raointean de bheatha phoblach na h-Alba.

An Seotal

’S e stòr-dàta briathrachais a tha anns ‘An Seotal’ a tha ag amas gu sònraichte air cuspairean a tha gan teagasg tro mheadhan na Gàidhlig san àrd-sgoil, ach fosgailte do luchd-cleachdaidh sam bith.

DUALCHAS NA GÀIDHLIG

Tobar an Dualchais

“Tha barrachd is 30,000 chlàran-fuaim air an làraich-lìn seo a chaidh a chlàradh ann an Alba agus nas fhaide air falbh, bho na 1930an agus air adhart. Am measg nan clàran cluinnidh tu sgeulachdan, òrain, ceòl, bàrdachd agus fiosrachadh fìrinneach.”

Am Baile

Rannsaich Am Baile, làrach-lìn dà-chànanach Comhairle na Gàidhealtachd, agus faigh barrachd a-mach mu eachdraidh agus cultar na Gàidhealtachd 's nan Eilean. Gheibh thu dealbhan camara, dealbhan, leabhraichean agus irisean sònraichte agus filmichean goirid, earrannan fuaim, geamaichean agus comaigean air an làraich.”

Ceanglaichean Innse Gall

“Fàilte do làrach ùr Hebridean Connections… Gheibhear còrr is 40,000 clàr fiosrachaidh air sloinntireachd, eachdraidh, dualchas is arc-eòlas  nan Eileanan Siar, eileanan far cladach an iar na h-Alba. Tha am fiosrachadh gu lèir air a thrusadh bho chruinneachaidhean nan Comann Eachdraidh, a tha air a bhith a’ gleidheadh eachdraidh ionadail fad iomadh bliadhna.”


MEADHANAN IS EALAIN NA H-ALBA

BBC ALBA

Tha BBC Alba na sianal didseatach Gàidhlig na h-Alba leis a’ BhBc agus MG Alba. Chaidh an sianal a stèidheachadh air 19 An t-Sultain 2008 agus tha e ri sgaoileadh fad 7 uairean a thìde a h-uile latha.  

BBC Radio nan Gàidheal

Tha BBC Radio nan Gàidheal na stèisean rèidio a tha a’ craobh-sgaoileadh ann an Gàidhlig na h-Alba. Tha am BBC ga stiùireadh mar phàirt de na seirbheisean telebhisein is rèidio ann an Alba. 

Comhairle nan Leabhraichean

Tha Comhairle nan Leabhraichean a’ cumail taic ri foillsichearan a tha airson leabhraichean math Gàidhlig a chur an clò. Tha sinn a’ cumail taic ri iomadh tiotal, ann an cruth traidiseanta an leabhair cho math ri cruth didseatach is cruthan eile. 

Fèis Blas

Tha Blas na fhèis eadar-nàiseanta anns a bheil ceòl Gàidhealach is a’ Ghàidhlig rin cluinntinn ann an caochladh talla air feadh Roinn na Gàidhealtachd. 

An Comunn Gàidhealach

‘S e an Comunn Gàidhealach am buidheann Gàidhlig as sine ann an Alba. Chaidh a stèidheachadh san Òban ann an 1891, agus tha e air a bhith air thoiseach air càch ann an teagasg, ionnsachadh is cleachdadh na Gàidhlig agus ann am brosnachadh litreachas, eachdraidh, ceòl is ealain na Gàidhlig. Tha An Comunn Gàidhealach a’ brosnachadh is a’ leasachadh cànan, cultar, eachdraidh is dualchas na Gàidhlig aig ìrean ionadail, nàiseanta is eadar-nàiseanta is e ag eagrachadh is a’ stiùireadh a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail agus iomadh pròiseact leasachaidh anns na coimhearsnachdan. 

Ceòlas

“Fàilte gu Ceòlas! Tha sinn toilichte gu bheil sibh uile air tadhal air an làraich-lìn againn, is tha sinn an dòchas fàilte a chur oirbh gu seachdain air leth. Seachdain làn ceòl, dannsa, càirdeas is barrachd spòrs na tha ri fhaighinn an àite eile air feadh Alba fad an t-samhraidh. ’S e sgoil chiùil shamhraidh, stèidhichte ann an teis meadhan coimhearsnachd Ghàidhlig Uibhist a Deas a th’ ann an Ceòlas. Le sàr theagasg ann am pìobaireachd, fìdhlearachd, dannsa ceum, agus Gàidhlig tha Ceolas a’ soilleireachadh agus a’ brosnachadh nan ceanglaichean sònraichte eadar ceòl, dannsa agus seinn. Tha càirdeas àraid aig Ceòlas le Ceap Breatainn, agus tha an sgoil air obair mhòr a dhèanamh airson stoidhle chiùil Ceap Bhreatainn a thoirt dhachaigh.”

Feisean nan Gàidheal

“Fàilte gu làrach-lìn oifigeil Fèisean nan Gàidheal, am buidheann a tha a’ toirt taic do leasachadh fèisean stèidhichte sa choimhearsnachd ‘s a bhios a’ teagasg ealain air feadh Alba.”

An Lòchran

“Is e buidheann a th' anns An Lòchran a chaidh a chur air bhonn ann an 1999 gus ealain agus cultar na Gàidhlig ann an Glaschu adhartachadh agus a leasachadh agus gus làthaireachd sheasmhach fhaicinnseach a stèidheachadh do na h-ealain Ghàidhlig anns a’ bhaile. Tha Glaschu agus a’ Ghàidhlig fighte-fuaighte ri chèile. Tha am baile air a bhith na dhachaigh do choimhearsnachd mhòr de luchd-labhairt na Gàidhlig bhon ochdamh linn deug. An-diugh, tha aon a-mach à sia de luchd-labhairt na Gàidhlig ann an Alba a' fuireach ann an Glaschu, no goirid do Ghlaschu. Tha An Lòchran ag amas air na h-ealain Ghàidhlig a' chomharrachadh agus a chultar fhosgladh a-mach dhan mhòr-shluagh.”

An Lanntair

“An Lanntair, a’ toirt thugaibh na h-ealain, na tachartasan, an ceòl is na cuirmean as fheàrr anns na h-Eileanan Siar.”