Goireasan

Làraichean-lìn

  • An Litir Bheag

    “... èistibh an seo ris an Litir Bhig le Ruaraidh MacIllEathain, a tha stèidhichte dha daoine a tha aig ìrean tràth an cuid ionnsachaidh...”

  • An Seotal

    "S e stòr-dàta briathrachais a tha anns ‘An Seotal’ a tha ag amas gu sònraichte air cuspairean a tha gan teagasg tro mheadhan na Gàidhlig san àrd-sgoil, ach fosgailte do luchd-cleachdaidh sam bith."

  • Bòrd na Gàidhlig

    Tha Bòrd na Gàidhlig a’ brosnachadh na Gàidhlig agus ag obrachadh cuide ri Riaghaltas na h-Alba, muinntir na h-Alba is na buidhnean Gàidhlig airson inbhe a’ chànain a neartachadh air feadh na dùthcha. 

  • Colaisde a’ Chaisteil

    Tha còrr is 2,700 oileanach clàraichte ann an Colaisde a’ Chaisteil, còrr is 60 cùrsa làn-thìde is 80 pàirt-thìde, còrr is 30 cùrsa HNC, HND, ceuma is for-cheum, agus mu 200 clas oidhche air an tabhainn air feadh nan Eileanan Siar. Tha sinn nar colaiste com-pairteachaidh ann an Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean. 

  • Ionad Chaluim Chille Ìle

    Gheibh sibh ionnsachadh air leth air cànan is cultar na Gàidhlig ann an Ionad Chaluim Chille Ìle ann an clasaichean, cùrsaichean is tachartasan eile fad na bliadhna.

  • LearnGaelic.net

    "Fàilte gu LearnGaelic, àite air an eadar-lìon airson a h-uile duine le ùidh ann a bhith ag ionnsachadh Gàidhlig. Ge bith dè an aois a tha thu, no dè an t-eòlas a tha agad, tha cuideachadh dìreach cliog air falbh.”

  • Sabhal Mòr Ostaig

    Stèidhichte an 1973, tha Sabhal Mòr Ostaig aithnichte air feadh an t-saoghail mar Ionad Nàiseanta cànan is cultar na Gàidhlig. Tha Sabhal Mòr Ostaig na colaiste com-pairteachaidh ann an Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean

  • Toolkit Gàidhlig na h-Alba

    “Goireas ionnsachaidh air-loidhne a tha ciallach, soilleir, co-obrachail agus spòrsail. Tha an goireas ri fhaotainn a latha ‘s a dh’oidhche; tha e càirdeil is cothromach. Faodar atharrachadh airson freagairt ri amasan is prìomhachasan a’ bhuidhinn agaibh.”

  • Ùlpan

    “’S e siostam ionnsachadh cànain ùr-nodha a th’ ann an Ùlpan a chaidh a chur air bhonn san Ear Mheadhanach. Chaidh a chleachdadh airson Cuimris is Breatnais a theagasg agus tha sinn air a dhèanamh freagarrach ri Gàidhlig na h-Alba.”