Goireasan

Sgrìobhainnean

Cùram-roinne Phlanaichean Gàidhlig

Bathar-bog Gàidhlig

Luchd-obrach

Conaltradh

Other Resources - Làraichean-lìn

Goireasan eile - a' Chuimris

Goireasan eile - Gàidhlig na h-Èireann

Làraichean-lìn

  • An Litir Bheag

    “... èistibh an seo ris an Litir Bhig le Ruaraidh MacIllEathain, a tha stèidhichte dha daoine a tha aig ìrean tràth an cuid ionnsachaidh...”

  • An Seotal

    "S e stòr-dàta briathrachais a tha anns ‘An Seotal’ a tha ag amas gu sònraichte air cuspairean a tha gan teagasg tro mheadhan na Gàidhlig san àrd-sgoil, ach fosgailte do luchd-cleachdaidh sam bith."

  • Bòrd na Gàidhlig

    Tha Bòrd na Gàidhlig a’ brosnachadh na Gàidhlig agus ag obrachadh cuide ri Riaghaltas na h-Alba, muinntir na h-Alba is na buidhnean Gàidhlig airson inbhe a’ chànain a neartachadh air feadh na dùthcha. 

  • Colaisde a’ Chaisteil

    Tha còrr is 2,700 oileanach clàraichte ann an Colaisde a’ Chaisteil, còrr is 60 cùrsa làn-thìde is 80 pàirt-thìde, còrr is 30 cùrsa HNC, HND, ceuma is for-cheum, agus mu 200 clas oidhche air an tabhainn air feadh nan Eileanan Siar. Tha sinn nar colaiste com-pairteachaidh ann an Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean. 

  • Ionad Chaluim Chille Ìle

    Gheibh sibh ionnsachadh air leth air cànan is cultar na Gàidhlig ann an Ionad Chaluim Chille Ìle ann an clasaichean, cùrsaichean is tachartasan eile fad na bliadhna.

  • LearnGaelic.net

    "Fàilte gu LearnGaelic, àite air an eadar-lìon airson a h-uile duine le ùidh ann a bhith ag ionnsachadh Gàidhlig. Ge bith dè an aois a tha thu, no dè an t-eòlas a tha agad, tha cuideachadh dìreach cliog air falbh.”

  • Sabhal Mòr Ostaig

    Stèidhichte an 1973, tha Sabhal Mòr Ostaig aithnichte air feadh an t-saoghail mar Ionad Nàiseanta cànan is cultar na Gàidhlig. Tha Sabhal Mòr Ostaig na colaiste com-pairteachaidh ann an Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean

  • Toolkit Gàidhlig na h-Alba

    “Goireas ionnsachaidh air-loidhne a tha ciallach, soilleir, co-obrachail agus spòrsail. Tha an goireas ri fhaotainn a latha ‘s a dh’oidhche; tha e càirdeil is cothromach. Faodar atharrachadh airson freagairt ri amasan is prìomhachasan a’ bhuidhinn agaibh.”

  • Ùlpan

    “’S e siostam ionnsachadh cànain ùr-nodha a th’ ann an Ùlpan a chaidh a chur air bhonn san Ear Mheadhanach. Chaidh a chleachdadh airson Cuimris is Breatnais a theagasg agus tha sinn air a dhèanamh freagarrach ri Gàidhlig na h-Alba.”

Am pròiseis reachdail airson leasachadh plana cànain Gàidhlig

Ro fios-plana

Thèid amasan àrd-ìre aontachadh leis a’ Bhòrd ann an conaltradh leis an ùghdarras poblach

Thèid amasan àrd-ìre a chur chun a’ Mhinisteir airson aontachaidh

Thèid litir a chur chun an ùghdarrais, a’ leigeil fios gum faigh iad fios-plana san aithghearrachd le fios gum feum iad plana cànain Gàidhlig (PCG) a leasachadh 

Fios-plana agus leasachadh

Thèid fios-plana a chur chun an ùghdarrais.Bidh am fios seo a’ gabhail a-steach amasan àrd-ìre, ceann-là airson am plan a lìbhrigeadh don Bhòrd,fios mun phròiseas reachdail agus riatanas an Achd, 

agus ainm an Oifigear Phlanaichean Gàidhlig ris am bu chòir don ùghdarras a’ cumail conaltraidh

Thèid dreachd plana a leasachadh leis an ùghdarras, a’ cumail conaltraidh cunbhalach le oifigear a’ Bhùird

Mar phàirt den leasachadh seo feumaidh an ùghdarras co-chomhairle phoblach a choileanadh air sùsbaint a’ phlana a leanas eadar sia agus dà seachdain deug

Thèid dreachd plana a chur a-steach chun a’ Bhùird

Thèid chiad mheasadh a dhèanamh air a’ phlana le oifigearan a’ Bhùird

Thèid sgrìobhainn measaidh a chur air beulaibh Pannal nam Planaichean Gàidhlig airson beachdachadh agus aonta

Thèid an sgrìobhainn measaidh aontaichte a chur chun an ùghdarrais agus thèid conaltradh a chumail le oifigear a’ Bhùird mu ceistean sam bith aig an ùghdarras agus stiùireadh a thoirt seachad air ath cheumanan na phròiseis

Cho luath ‘s a tha aonta ann a thaobh atharrachaidhean riatanachd a dh’ iarr am Bòrd thèid dreachd ùr den phlana a chur chun a’ Bhùird leis na h-atharrachaidhean air a chur ris

Thèid am plana a chur chun làn Bhòrd le moladh bhon Phannal gum bithear ag aontachadh gu foirmeil

Aonta, foillseachadh agus sanasachadh

Às dèidh aonta a’ Bhùird, thèid litir a chur chun an ùghdarrais leis a’ cheann-latha aonta na cois, agus gum bu chòir do cheann-latha seo a chur ri duilleag aghaidh a’ phlana foillsichte, 

còmhla ri comhairle air foillseachadh agus sanasachadh air a’ phlana.






Faidhlichean airson luchdadh sìos