Bun-bheachdan Planadh Cànain
‘S e as adhbhar do bhith toirt plana cànain Gàidhlig gu buil, a bhith a' leudachadh air na dòighean a th' agaibh gus taic a chumail ri cleachdadh, inbhe is ionnsachadh na Gàidhlig nur n-obair, cho math ris mar as urrain dhuibh cur ri corpas a’ chànain. Tha na ceithir bun-bheachdan seo (cleachdadh, inbhe, ionnsachadh is corpas) air am meas riatanach, ann an rannsachadh mhion-chànanan, a thaobh dìon is ath-bheothachadh nan cànanan sin.
Bidh na bun-bheachdan seo air an toirt gu buil tron phlana agaibh a bhith air a lìbhrigeadh sna raointean obrach: dealbhadh phoileasaidhean, solarachadh sheirbheisean is dòighean-obrach eile (a' gabhail a-steach nan raointean cudromach aithne chorporra, conaltradh, foillseachadh agus luchd-obrach). Tha e mar amas coitcheann gum bi e na cleachdadh àbhaisteach a bhith cluinntinn is a' faicinn Gàidhlig ann an Alba.
Bu choir na bun-bheachdan seo a chur an gnìomh gus na toraidhean a leanas a choileanadh:
Cleachdadh Cànain
Brosnachadh barrachd cleachdadh na Gàidhlig, toirt cothrom air a' chànan a chleachdadh, agus adhartachadh cothrom air modhan labhairt Gàidhlig.
Tro bhith a' solarachadh barrachd sheirbheisean don phoball tron Ghàidhlig, agus a' toirt barrachd chothroman don luchd-obrach aca fhèin a' Ghàidhlig a chleachdadh sna h-obraichean aca, faodaidh ùghdarrasan poblach na cothroman a th' ann gus Gàidhlig a chleachdadh a mheudachadh gu mòr.
Inbhe Cànain
Meudachadh air na tha de Ghàidhlig ri faicinn agus ri cluinntinn, gus aithne oirre a leudachadh agus gus ìomhaigh fhiughaireach a chruthachadh don Ghàidhlig ann am beatha phoblach na h-Alba.
Faodaidh ùghdarrasan poblach àite cudromach a ghabhail ann am meudachadh na tha ri fhaicinn den Ghàidhlig le bhith, mar eisimpleir, a' cleachdadh na Gàidhlig air soidhnichean, cinn-litreach agus na làraich-lìn aca.
Togail Cànain
Meudachadh air àireamh luchd-labhairt na Gàidhlig le bhith a' dèanamh cinnteach gum bi an cànan air a thoirt seachad agus le bhith a' cruthachadh chothroman èifeachdach airson Gàidhlig ionnsachadh.
Tha am Bòrd a' moladh gum bu chòir do dh'ùghdarrasan cuideam sònraichte a chur air na priòmh raointean seo: an dachaigh agus na tràth bhliadhnaichean; foghlam - sgoiltean agus tidsearan; foghlam - seach-sgoile; agus coimhearsnachdan. Uaireannan, ma leudaicheas ùghdarras na tha iad a' solarachadh ann an Gàidhlig 's dòcha gum bi barrachd iarraidh air seirbheisean Gàidhlig ri linn sin agus gum bi barrachd ùidh aig daoine ann a bhith ag ionnsachadh a' chànain agus a bhith ga toirt don ath ghinealach. Tha am Bòrd cuideachd den bheachd gu bheil trèanadh ann an sgilean Gàidhlig san àite-obrach a' cur ri togail a' chànain ann an dòigh chudromach.
Corpais Cànain
Neartachadh air iomchaidheachd agus cunbhalachd na Gàidhlig, agus adhartachadh air rannsachadh air a' chànan.
Thig briathrachas ùr ann an Gàidhlig à barrachd cleachdadh den chànan ann an lìbhrigeadh sheirbheisean agus ann an aithne chorporra. Cumaidh seo luchd-cleachdaidh na Gàidhlig uidheamaichte anns gach raon de bheatha làitheil.