CARSON a dh’fheumas sinn plana Gàidhlig a dhealbhadh?

‘S ma dh’fhaoidte gu bheil thu air fios fhaighinn bho Bhòrd na Gàidhlig gum feum sibh plana reachdail Gàidhlig ullachadh - no ma dh’fhaoidte gu bheil thu air ùidh a ghabhail ann am plana no poileasaidh cànain a leasachadh gu saor-thoileach. Feumaidh tuigse a bhith agaibh air Bòrd na Gàidhlig agus Achd na Gàidhlig (Alba) 2005. Bu choir cuideachd ealla a ghabhail ri dà sgrìobhainn riatanach eile -"Stiùireadh air Deasachadh Phlanaichean Gàidhlig" agus "Plana Cànain Nàiseanta Gàidhlig 2012-17".

Tha dìon is fàs na Gàidhlig an crochadh air co-obrachadh aig a h-uile ìre. ‘S i a’ Ghàidhlig aon de na cànanan dùthchasach as sine ann an Alba; tha i cuideachd ùr-nòsach, beò, àraid agus ann an suidheachadh èiginneach. Tha a’ Ghàidhlig beò fhathast an dèidh nan ceudan de bhliadhnaichean de chruadal is crìonadh an t-sluaigh cho math ri mì-rùn oifigeil. Fhreagair an Achd 2005 ris an t-suidheachadh is chaidh Bòrd na Gàidhlig a chur air bhonn na bhuidheann poblach airson “inbhe na Gàidhlig a ghlèidheadh mar chànan oifigeil ann an Alba le spèis co-ionnan ris a’ Bheurla”. ‘S e am Bòrd am prìomh bhuidheann air a bheil dleastanas airson an cànan a bhrosnachadh is a stiùireadh a dh’ionnsaigh suidheachadh seasmhach - dleastanas a tha ga roinn air feadh na h-Alba le cùram is taic.

Tha am Bòrd a’ toirt comhairle do Riaghaltas na h-Alba is buidhnean eile air a’ Ghàidhlig is air solarachadh Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig an Alba. Tha an Achd seo a’ toirt air a’ Bhòrd plana nàiseanta na Gàidhlig fhoillseachadh a h-uile 5 bliadhna co-dhiù. A bharrachd air sin, tha ùghdarras aig a' Bhòrd a bhith ag iarraidh air ùghdarrasan poblach planaichean cànain Gàidhlig a leasachadh agus fhoillseachadh mar riatanas.

 

Plana Cànain Nàiseanta Gàidhlig 2012-17

Tha dealbhadh plana cànain nàiseanta Gàidhlig le Bòrd na Gàidhlig a h-uile 5 bliadhna air fear de na prìomh dhleastanasan ann an Achd na Gàidhlig (Alba) 2005. 'S ann le Alba air fad 's a tha am Plana Cànain Nàiseanta Gàidhlig a tha ag amas air ro-innleachd a chur an cèill do dh'Alba gu lèir airson an cànan a neartachadh is a leasachadh. 

Fon Achd faodaidh am Bòrd iarraidh air ùghdarrasan poblach na planaichean cànain Gàidhlig aca fhèin ullachadh. Feumaidh gach plana Gàidhlig fa leth ceangal a dhèanamh ris a' phlana cànain nàiseanta Gàidhlig is iad a' sònrachadh ciamar a chuireas ùghdarrasan poblach ri brosnachadh na Gàidhlig air feadh na dùthcha an lùib an cuid obrach. Mar fhear de na h-ùghdarrasan poblach seo, tha an obair agus seirbhisean agaibh cudromach don Ghàidhlig agus na daoine a tha ga cleachdadh - an dà chuid luchd-ionnsachaidh agus feadhainn aig a bheil Gàidhlig bho thùs.

Tha am plana cànain nàiseanta Gàidhlig a’ sònrachadh prìomhachasan na Gàidhlig gu soilleir is far am bu chòir dhuibh oidhirpean a stèidheachadh - chithear seo san roinn a leanas, dealbhadh plana Gàidhlig.

Tha am plana cànain nàiseanta Gàidhlig a’ cur stiùireadh an cèill air prìomhachasan ris am bu chòir do bhuidhnean is ùghdarrasan dèiligeadh a thaobh na Gàidhlig is ullachadh planaichean Gàidhlig. Tha e a’ sealltainn gu bheil stèidheachadh èifeachdach aig teis-meadhan nan leasachaidhean nàiseanta is ionadail, agus tha tagraidhean ann air roi-innleachdan a tha ag amas air àireamh luchd na Gàidhlig a thoirt am meud, brosnachadh a cleachdadh san àite-obrach is air an taobh a-muigh, leudachadh faicsinneachd is inbhe na Gàidhlig, agus a’ cur ri brosnachadh cànan agus cultar na Gàidhlig.